BBC Naidheachdan

"Guth an Rugbaidh" MacLabhrainn ga chuimhneachadh

Chaidh carragh-cuimhne fhoillseachadh ann an Hamhaig Dimàirt airson "guth an rugbaidh" Bill MacLabhrainn.

Bha Mgr MacLabhrainn ainmeil airson a bhith a' craoladh air geamaichean rugbaidh fad cha-mhòr 50 bhliadhna.

Na bheatha, choisinn e urraman OBE, CBE agus MBE airson na rinn e dhan spòrs.

Bhàsaich e ann a 2010, aois 86.

Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.