Fhalbh a Thaigh Iain Ghròit!
Ghabhadh Gallaibh a stèidheachadh mar phrìomh làrach spòrs-mara Bhreatainn.
Sin na tha cuid de chomhairlichean a' moladh airson feuchainn ri turasachd ath-bheothachadh mu thuath.
Ged a tha luchd-turais a' taomadh chun na Gàidhealtachd, chan eil Gallaibh 's Cataibh a' faighinn na h-uiread de bhuannachd àsta 's a tha àiteachan eile.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead a-nis ri mar a ghabhadh sin atharrachadh, 's iad a' faicinn turasachd mar bhunait airson an ceann a tuath ath-bheothachadh.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 22 An Gearran 2013
- Earrann
- Naidheachdan