BBC Naidheachdan

Connspaid mu sheann Ospadal Gheusto

Tha fear de shliochd an duine a stèidhich a' chiad ospadal san Eilean Sgitheanach a' cur às leth NHS na Gàidhealtachd nach tug iad cothrom ceart don choimhearsnachd an goireas a cheannach.

Tha Ruairidh Hilleary a' cumail a-mach gun deach Ospadal Gheusto a reic airson suim tòrr nas ìsle na a' phrìs a bha an t-ùghdarras slàinte ag iarraidh anns a' chiad dol-a-mach.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid