BBC Naidheachdan

Port-adhair an Òbain a' soirbheachadh

Thàinig àrdachadh mòr air na tha de dhaoine a' cleachadh puirt-adhair bhig ann an Earra-Ghàidheal, dìreach dà bhliadhna bho theub e dùnadh.

Mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris, tha Port-Adhair an Òbain anns a' Chonghaill a Tuath glè chudromach, chan ann a-mhàin do mhuinntir Thiriodh, Cholla agus Cholbhasa, ach cuideachd do ghnìomhachasan a tha stèidhichte air Tìr Mòr.