Dragh mu àrdachadh faraidhean

Thèid faraidhean aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar an àirde air an ath-mhìos.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, airson na faraidhean a chur suas 4% sa chumantas.

Tha dragh ann mun bhuaidh a bhios aig seo air luchd-cleachdaidh an aiseig, gu sònraichte iadsan nach eil a' dol oirre ach turas neo dhà san t-seachdain.

Le tuilleadh, seo Seonaidh MacCoinnich.