Naidheachdan 11:00m

Tha a' Phàrlamaid ann an Cìopras ag ullachadh airson bhòta air na molaidhean connspaideach airson cìs aon uair air airgead a th' aig daoine air a shàbhaladh anns na bancaichean. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun cuir iad dìon air feadhainn aig a bheil nas lugha na €20,000 sna cunntasan-banca. Tha an sgeama seo co-cheangailte ri oidhirp air taic-airgid eadar-nàiseanta fhaighinn do dh'eaconamaidh Chìoprais a tha an cunnart a dhol fodha le fiachan.

Dh'fhoillsich an Riaghaltas sgeama ùr airson cuideachadh a thoirt do phàrantan le cosgaisean cùraim-chloinne bho 2015. Fon phlana bhiodh teaghlaichean far a bheil dithis phàrant, no aon phàrant singilte ann an cosnadh, a' faighinn luach 20% de dh'fhaochadh cìse air na tha cùram-cloinne a' cosg dhaibh, suas ri £1,200 gach bliadhna airson gach leanaibh. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gu bheil feum aig pàrantan air cuideachadh an-dràsta fhèin.

Tha còrr is 80 sgoil dùinte le sneachda trom air taobh sear na h-Alba eadar Siorrachd Obar Dheathain, Taobh Tatha, Machair Aonghais, agus Lodainn is na Crìochan. Chuir an sneachda maill air mòran dhràibhearan sna sgìrean sin sa mhadainn.

Dh'èirich an Atmhorachd airson a' chiad uair ann an còig mìosan. Bha an Clàr-ceannaich (CPI) suas gu 2.8% anns a' Ghearran, bho 2.7% anns an Fhaoilleach.

Chaidh còrr is 20 duine a mharbhadh agus 100 eile a leòn ann an sreath ionnsaighean boma ann am Baghdad, prìomh bhaile Iorac. Tha deich bliadhna ann a-màireach bho chaidh feachdan eadar-nàiseanta an sàs ann an Iorac airson faighinn cuidhteas Saddam Hussein.

Bhruidhinn am Pàpa, Proinnseas, ris na ceudan mhìltean dhaoine a chruinnich ann an Ceàrnag Pheadair anns an Ròimh, far an deach a stèidheachadh gu h-oifigeil mar Phàpa anns a' mhadainn. Thuirt e gu bheil dleastanas airsan, mar Phàpa, cuideachadh a thoirt do dhaoine bochda an t-Saoghail.

Chaidh rabhadh do choinneimh san Eilean Sgitheanach an-raoir gur dòcha gun caill an sgìre cothrom air ospadal ùr ma bhios sgaradh-bheachd ann eadar deas agus tuath mu làrach dhan ghoireas. Tha moladh ann aon ospadal ùr a chur an àitea na dhà a th' ann san Ath Leathann agus am Port Rìgh. Dh'innis NHS na Gàidhealtachd do dh'Fhòram na Sgìre-comhairle an-raoir mun ìre aig a bheil iad leis na planaichean sin.

Thèid a' chiad mhinistear Eadailteach a bha riamh air eaglais Phròstanaich ann an Dùn Èideann a phòsadh ri tè de choithionalan na h-Eaglaise Saoire an sin. 'S ann à Sardinia a tha Gavino Fioretti o thùs. Ghabh e ri gairm bho Eaglais Shaoir Lìte ann an Dùn Èideann. Tha e air a bhith na iar-mhinistear aig Eaglais Shaoir Ghreyfriars an Inbhir Nis airson dà bhliadhna.