Strì rathad Bhreacais a' leantainn

Tha muinntir Bhreacais san Eilean Sgitheanach ag ràdh gun cum iad orra a' cur cuideim air Riaghaltas na h-Alba am prìomh rathad a tha a' dol tron bhaile a dhèanamh nas sàbhailte, a dh'aindeoin 's gun deach innse dhaibh nach eil airgead gu leòr ann airson ceum-coise a thogail.

Sin am prìomh iarrtas a chuir iad ri riochdaire Còmhdhail na h-Alba aig coinneimh phoblaich far an do nochd mun cheathramh cuid den t-sluagh.

Ach dh'fhalbh iad le briseadh-dùil, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.