Teisteanas do sgioba rugbaidh òg às Inbhir Nis

Thàinig clann aig aois bun-sgoile bho air feadh na h-Alba còmhla air an deireadh-sheachdain 'son cluich ann am fèis rugbaidh ann an Inbhir Nis.

A bharrachd air an fharpais fhèin fhuair an cluba "Highland", a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, teisteanas bho Aonadh Rugbaidh na h-Alba airson na h-obrach a tha iad air a dhèanamh.

'S iad a' chiad chluba air a' Ghàidhealtachd a tha air seo fhaighinn.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.