BBC Naidheachdan

Duaisean FilmG

Chaidh trì de na duaisean as motha aig cuirm FilmG air an deireadh-sheachdain dha na Hearadh.

'S e Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain a bhuannaich iad uile, 's Stiùirichean na Farpais ag ràdh gun robh an oidhche na dearbhadh air sàr-sgilean am measg nan Gàidheal.

Rinneadh moladh mòr am bliadhna air ìre nam farpaiseach.

Tha Iain MacDiarmaid ag aithris.