BBC Naidheachdan

Cathraiche ùr a' Bhùird

Chaidh rabhadh a thoirt seachad le Cathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig gum feum airgead tighinn anns an aithghearrachd airson tuilleadh sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh.

Anns a' chiad agallamh aige bho chaidh fhoillseachadh mar Chathraiche, thuirt Iain Caimbeul gum feumar cabhag a dhèanamh airson sgoiltean a chur air chois ann an ùine ghoirid, seach a bhith a' feitheamh bhliadhnaichean riutha.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.