50 bliadhna às dèidh Beeching

Bha 50 bliadhna Diciadain bho thàinig aithisg Beeching a-mach - aithisg a dhùin mòran de loidhnichean-rèile Bhreatainn.

B' e loidhnichean agus stèiseanan ann an sgìrean dùthchail a bu mhotha a dh'fhulaing, le àiteachan mar na Crìochan agus mòran de Shiorrachd Obar-Dheathain gam fàgail gun rèile idir.

Shàbhaladh cuid de loighnichean na Gàidhealtachd, ach dhùin grunn stèiseanan mu thuath.

Le dòigh ùr air coimhead air an àrainneachd an-diugh, tha cuid de loidhnichean is stèiseanan a' fosgladh as ùr.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.