BBC Naidheachdan

Snàmhadair òg a' soirbheachadh

Tha snàmhadair òg às an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil i ag amas air àite fhaighinn ann an sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu an ath-bhliadhna.

Tha Rut Ghòrdain a' farpais an t-seachdain seo aig farpaisean nàiseanta ann an Dùn Èideann.