BBC Naidheachdan

Crainn-sneachda ann am Moireibh

Bha crainn-sneachda a-muigh a' glanadh nan rathaidean ann am Moireibh Diciadain.

Chan e sneachda an dùbhlan a bha rompa ge-tà, ach gainmheach agus talamh mìn bho phàircean air an treabhadh.

Tha a' ghaoth air a bhith cho làidir sna beagan làithean mu dheireadh 's gu bheil i air a' ghainmheach agus an talamh a chur air na rathaidean.

Chaidh Seonaidh MacCoinnich a-mach a dh'fhaicinn na h-obrach glanaidh.