BBC Naidheachdan

Brave na tharraing do Leòdhas

Tha dùil ri Samhradh gu math trang ann an Leòdhas am bliadhna is coltas gu bheil na ceudan a' dèanamh air an eilean an dèidh dhaibh am fiolm Brave fhaicinn.

Tha ìomhaighean de Thursachan Chalanais, agus Dùn Charlabhaigh san fhiolm.

A-nis tha daoine airson na h-àiteachan sin fhaicinn iad fhèin.

Tha Catriona NicIlleathain air a bhith a' dèanamh beagan rannsachaidh mu bhuannachdan an fhiolm.