Co-labhairt air cumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd

Tha suidheachadh Càbal a' Chuain Sgìth aig ìre èiginnich, a reir Mhinistear a' Chumhachd ann an Alba, Fearghas Ewing.

Thuirt e gum feum co-dhùnadh a bhith air a dhèanamh mun chàbal an ceann beagan sheachdainnean.

Bha Mgr Ewing a' bruidhinn aig co-labhairt mu chumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd ann an Inbhir Nis.

Chaidh Calum MacIlleathain ann dhuinn.