BBC Naidheachdan

Dorchester an Steòrnabhagh

'S i seirbheis aiseig Uibhist a Deas an tè as miosa ann an Alba. Sin na thuirt comhairliche Uibhisteach ri Ard-stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Màrtainn Dorchester.

Bha Mgr Dorchester a' dèanamh taisbeanadh dha comhairlichean ann an Steòrnabhagh.

A thuilleadh air ceist aiseig eadar Loch Baghasdail agus Mallaig, chaidh faighneachd dha cuideachd dè cho seasmhach sa tha bàtaichean an lìonra.