BBC Naidheachdan

Leasachadh air Cidhe Mhèanais

Fhuair muinntir Ghleann Dail san Eilean Sgitheanach sealbh air goireas a bha uair aig cridhe na coimhearsnachd.

Bha là ann nuair a bhiodh cha mhòr a h-uile dad a bha a dhìth orra a' tighinn a-steach gu cidhe Mhèanais.

Tha an t-àite an-diugh feumach air leasachadh agus thèid faighneachd den t-sluagh dè tha iad airson a dhèanamh leis.