Bàt-aiseig a' comharrachadh 45 bliadhna

Chan e a h-uile bàt-aiseig a bhios a' comharrachadh 45 bliadhna ann an seirbheis.

Tha tè Ghlinn Eilge ge-tà, an MV Glenachulish.

'S iomadh bliadhna bho thòisich i a' dol eadar am baile agus Caol Reatha.

Chaidh a ceannach leis a' choimhearsnachd ann an 2005, agus tha àireamh an luchd-siubhail air èirigh bhon uair sin.

Tha tuilleadh aig Ailean MacLeòid.