BBC Naidheachdan

RockNess 2013

Chruinnich na mìltean air bruaichean Loch Nis oidhche Haoine airson Fèis Chiùil RockNess.

Mhair an fhèis gu Didòmhnaich agus bha measgachadh de cheòl ann bho leithid Basement Jaxx, Fat Boy Slim, Madness, Example agus Ellie Goulding.

Chaidh Eilidh NicAsgail againn fhìn ann a dh'fhaicinn cò ris a bha cùisean coltach Dihaoine.