BBC Naidheachdan

Dragh mu bhùth mhòr an Tiriodh

Dh'fhaodadh gun caill muinntir Thiriodh tè de na bùithdean mòra aca.

Ged a tha bùithdean beaga eile ann leithid bùidseir agus banca, chan eil ach dà bhùth mhòr san eilean.

Tha an duine aig an bheil tè dhiubh, Bùth MhicLeòid ann an Crosabol, airson a dhreuchd a leigeil seachad an dèidh 38 bliadhna san obair.

Chuir Iain MacLeòid a' bhùth air a' mhargaidh bho chionn faisg air dà bhliadhna, agus mur a tèid a ceannach ron Damhair, thèid a dùnadh.

Seo Seonaidh MacCoinnich.