BBC Naidheachdan

Cothrom do chroitearan Bharabhais

Tha uachdaran oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas air tairgse am fearann a reic ris na croitearan.

Chaidh rabhadh a thoirt ge-tà gun tèid an oighreachd air a' mhargaid fhosgailte mura nochd tagradh bhon choimhearsnachd.

Cosgaidh an oighreachd co-dhiù £2m.