BBC Naidheachdan

Cion-cosnaidh ag èirigh an Alba

Chaidh an àireamh a tha gun chosnadh ann an Alba an-àirde airson a' chiad uair am bliadhna.

Sheall na figearan ùra a thàinig a-mach Diciadain gun deach cion-cosnaidh na h-Alba an-àirde 8,000 eadar am Màrt agus an Cèitean.

Ach anns an Rìoghachd Aonaichte anns an fharsainneachd, tha piseach a' tighinn air a' chùis, leis an àireamh gun chosnadh a' tuiteam faisg air 60,000.

Tha am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan air Taobh Sear Rois, sgìre a th' air fulang gu mòr le dìth-cosnaidh, ach far a bheil a-nis ath-bheòthachadh a' tighinn.