WeeW a' dùnadh
Tha an fheadhainn a tha a' ruith na bùtha WeeW ann an Steòrnabhagh air iarrtas a dhèanamh an gnìomhachas a thoirt gu ceann.
Dh'iarr iad òrdugh crìochnachaidh agus fiachan de mu £150,000 orra.
Thàinig fios bho chionn mìos gun robh iad am beachd a' bhùth a dhùnadh agus chan eil mòran air fhàgail innte a-nis, ged a tha i fosgailte fhathast.
Tha Murray MacLeòid ag aithris.