BBC Naidheachdan

Calum Cille aig 1450 bliadhna

Thadhail Ceann-suidhe na h-Eireann Mìcheal Higgins air Eilean Ì air an deireadh sheachdain.

Bhathar a' comharrachadh gu bheil 1450 bliadhna ann bhon a thàinig an Naomh Calum Cille dhan eilean.

Thathar a' smaoineachadh gun tug esan an creideamh Crìosdail agus a' Ghàidhlig a dh'Alba.

Chaidh seirbheis eacumanagach a chumail anns an abaid.

Ron a sin bha am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail a' leughadh "Amhran Choluim Chille" air na rinn e fhèin eadar-theangachadh gu Gàidhlig an là an-diugh.

Bhruidhinn Andreas Wolff ris a' bhàrd ann an làn agallamh mun tachartas.