BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Chaidh dust leanaibh fhaighinn faisg air cladh ann an Dùn Èideann. Thuirt Poilis gur e duine a bha a-muigh a' coiseachd a thàinig air a' chorp an-dè ann am preasach faisg air Cladh Seafield ann an Lìte. Tha aithrisean ann, nach eil dearbhte, gun robh an leanabh eadar deich mìosan agus bliadhna de dh'aois.

Tha Poilis san Eadailt a' rannsachadh tubaist bus annd an deach 38 duine a mharbhadh. Bhuail am bus ann an sreath chàraichean mus deach e far an rathaid agus le bealach cas. Tha e coltach gum buinneadh a' mhòr-chuid a bh' air a' bhus do bhaile Naples.

Thuirt Comataidh Pàrlamaid gu bheil an sluagh a' call earbsa anns na sia companaidhean cumhachd mòra, leis gu bheil iad amharasach mu na prothaidean mòra a tha iad a' dèanamh. Thuirt Comataidh a' Chumhachd an an Taigh nan Cumantan, gum feum an riaghladair, Ofgem, barrachd ghnothaich a ghabhail ris an t-suidheachadh.

Tha luchd-teasairginn a' dol a-mach a-rithist an-diugh a choimhead airson duine òig, 18 bliadhna de dh'aois, a bh' ann an trioblaid air Abhainn Thàtha ann am Peart an-raoir. Tha rannsachadh a' dol cuideachd ann an Cille Bhraonaigh ann an Siorrachd Àir. Chaidh aithris an-dè gun deach nighean fhaicinn san uisge air Abhainn Gàrnaig san sgìre sin, ged nach eil aithris sam bith ann gu bheil duine a dhìth.

Tha còmhraidhean sìthe a' tòiseachadh as ùr ann an Washington nan Israelach agus nam Pailistinianach. Tha trì bliadhna ann bho dh'fhàilig na còmhraidhean mu dheireadh agus eas-aonta ann mu na tuinneachan Israelach ann an sgrìrean Pailistinianach. Dh'aontaich Israel còrr is 100 prìosanach Pailistinianach a shaoradh fhad 's a tha na còmhraidhean a' dol air adhart.

Chaidh faid mìle de chàbal a ghoid far na loidhne rèile eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain. Chuir a' mhèirle stad air seirbheisean eadar Inbhir Uaraidh agus Hunndaidh an-dè, agus 's e busaichean a tha fhasthast a' ruith air an t-slighe sin an-dràsta. Thuirt Network Rail gun toir e ùine a' cur càbail ùr na àite, agu ga cheangail a-rithist ris an t-siostam.