BBC Naidheachdan

Seachdain Seòlaidh

An t-seachdain seo tha mu cheud iachta a gabhail pàirt ann am farpaisean seòlaidh mar phàirt de sheachdain sònraichte an Taoibh Shiar.

Tron t-seachdain tha iad air a bhith a' rèiseadh bho Ghiogha gu Craobh, suas dhan Òban, timcheall eilean Lios Mòr agus air adhart do Thobar Mhoire, 's air ais dhan Òban.

Chuir sinn na botannan buidhe air Seonaidh MacCoinnich 's e a' dol a-mach airson blasad fhaighinn den t-seachdain.