Naidheachdan 11:00m

Ruig àireamh sluaigh na h-Alba an ìre as àirde riamh a rèir fhigearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Aig deireadh na h-Ògmhios bha an àireamh dhaoine an Alba aig còrr is 5.3m neach. Sin 18,000 suas bho bha an cunntas-sluaigh ann an 2001. Thuirt luchd-eòlach gu bheil seo ceangailte ri in-imreachas agus ìre bhreithe na dùthcha.

Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh air còrr is 2,000 màthair a' cumail a-mach gu bheil an cairteal cuid dhiubh a' faireachdainn gun do dh'fhulaing iad leth-bhreith san àite-obrach aca. Tha na ceudan mì-thoilichte leis mar a chaidh dèiligeadh riutha nuair a dh'fhàs iad trom no nuair a thill iad a dh'obair.

Tha fireannach agus boireannach anns an ospadal an dèidh ionnsaigh ghunna ann an Newport ann an ceann a deas na Cuimrigh. Chaidh Poilis Gwent a ghairm gu taigh ann an Sràid Willemhall anns a' bhaile beagan ro 09:00m an-diugh. Tha a h-uile coltas gun robh an dithis a chaidh a leòn eòlach air càch a chèile, agus chan eil na Poilis a' sireadh duine sam bith eile an co-cheangail ris na thachair.

Tha na Làbaraich a' cur às leth an Riaghaltais gu bheil iad a' feuchainn ri fiosrachadh a chleith, an dèidh mar a chaidh cuid de dh'aithisg a bha a' càineadh luchd-obeach Chrìochan Bhreatainn a dhubhadh às. Fhuair an aithisg gu bheil e a' faileachadh air mòran de luchd-obrach chrìochan na Rìoghachd Aonaichte anns an Fhraing làraichean-mheòir fhaighinn bho na mìltean de dh'in-imrich mhì-laghail a chaidh a ghlacadh 's iad a' dèanamh air Breatainn. Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun deach cuid den aithisg a dhubhadh às air adhbharan tèarainnteachd nàiseanta.

Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, gu bheil e airson atharrachadh fhaicinn anns an dòigh anns a bheil buidhnean ionmhais Bhreatainn gan ruith, gus am bi iad a' coimhead air, mar a tha esan ga chur, "an eaconamaidh cheart." Thuirt Mgr Carney gun obraich e gu cruaidh gus cuidhteas fhaighinn de dhroch dhol-a-mach, leithid mar a chaidh rudan a reic ri luchd-cleachdaidh nam bancaichean gun fhiosta dhaibh. Thog e cuideachd nach eil boireannaich sam bith air Comataidh Phoileasaidh Airgid a' bhanca.

Chaidh geurag (acid) a thilgeil air dithis bhoireannach, aois 18, a bhuineas do Bhreatainn, fhad 's a bha iad a' coiseachd tro phrìomh bhaile Zanzibar far chosta an ear Afraga. Thathas den bheachd gur e tidsearan saor-thoileach a th' annta. Tha Oifis nan Dùthchannan Cèine an sàs anns a' chùis. Chaidh an toirt gu ospadal ann am prìomh bhaile Thanzania, air Tìr Mòr Afraga, ann an itealan.