Fèill-reic nan uan ann an Leòdhas
Chaidh a' chiad fhèill-reic den bhliadhna a chumail aig Margaidh Sprèidh Leòdhais agus na Hearadh Diciadain, agus a rèir choltais 's e gnothach gu math soirbheachail a bh' ann.
Uile gu lèir chaidh còrr is 3,000 caora agus uan tron fhèille-sprèidh, agus ged a bha prìsean car measgaichte tha comataidh na margaidh an dòchas gum misnich seo croitearan gus tilleadh gu na fèilltean eile a thèid a chumail ann an Stèinis ro dheireadh na bliadhna.
Tha Catriona NicIlleathain ag aithris.