Naidheachdan 11:00m
Heileacoptair
Chaidh cuirp triùir den ceathrar a chaill am beatha san tubaist heileacoptair far Shealtainn Dihaoine a thilleadh a dh'Obar Dheathain an-diugh. Tha dùil gun tèid na pìosan a tha air fhàgail den heileacoptair Super Puma a thoirt gu tìr feasgar. Chuir a h-uile companaidh a tha a' cleachdadh Super Pumathan anns a' Chuan a Tuath stad air na seirbhisean air a bheil an seòrsa itealan sin.
Siria
Tha luchd-sgrùdaidh nan Dùthchannan Aonaichte a' deanamh rannsachadh an-dràsda air an sgìre faisg air Damascus far am bheil amharas gun deach na ceudan dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaigh cheimicich Diciadain a chaidh. Thuirt Rùnaire Cèin Bhreatainn, Uilleam Hague, an-diugh a-rithist gu bheil esan den bheachd gur e riaghaltas Siria a bha air cùlaibh na h-ionnsaigh. Thuirt Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gum bu chòir Taigh nan Cumantan a ghairm air ais airson bruidhinn air an t-suidheachadh ann an Siria agus beachdachadh am bu chòir do dhùthchannan eile armachd a chur an sàs ann.
Bucaidh
Bidh còmhraidhean ann an t-seachdain seo mu Gharradh Soithich Bhucaidh ann am Moireabh a th' ann an rianachd agus an cunnart dùnadh. Chan eil air fhàgail sa gharradh ach sianar den 74 duine a bha ag obair ann. Bidh ball-parlamaid Mhoireibh, Aonghas Robasdan, agus oifigich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' bruidhinn air dè ghabhas dèanamh airson a' ghnìomhachas a shàbhaladh.
Linda Norgrove
Thug buidheann chobhair Aimeireaganach taic-airgid dhen carthannas a chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air Linda Norgrove, a bhuineadh do Leòdhas. Chaidh Linda a mharbhadh ann an Afganastan nuair a dh'fhailich oidhirp air a saoradh an dèidh dhan Taliban a cur am bruid. Thug USAID còrr is £400,000 do Bhunait Linda Norgrove airson leabharlainn coimhearsnachd a stèidheachadh ann an Afganastan.
Ospadal an Rathaig Mhòir
Thèid fireannach mu choinneimh na cùirte ann an Inbhir Nis a-màireach an dèidh tachartas aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis Disathairne, far am b' fheudar euslaintich agus luchd-obrach gluasad a mach à trì uàrdan. Chaidh poilis dhan ospadal an dèidh do chuideigin fònadh a' maoigheadh gu faodadh boma a bhith ann. Cha deach duine a ghoirteachadh.