Naidheachdan 11:00m

An Ola 's an Gas

Dh'innis an Seansalair, Seòras Osborne, do cho-labhairt mhòir na h-ola ann an Obar Dheathain gun toir Alba barrachd buannachd à gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath mar bhall den Rìoghachd Aonaichte seach na bheireadh i mar dhùthaich neo-eisimeilich. Ach tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' togail eisimpleir Nirribhidh mar dhùthaich bheag a tha a' stiùireadh a gnìomhachas ola fhèin.

Iarraidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air muinntir na h-Alba làn-chumhachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba, le bhòtadh airson neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna. Tha Mgr Salmond gu bhith a' mìneachadh a phlanaichean airson na bliadhna Pàrlamaid ùire, agus canaidh e gur ann aig muinntir na h-Alba fhèin as fheàrr fios dè na co-dhùnaidhean as fheàrr dhan dùthaich.

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil an suidheachadh ann an Siria air an èiginn as miosa riamh le fògarraich a chruthachadh, agus tomhas ann a-niste gu bheil 7m duine air an dachaigh fhàgail. Thuirt an UN gum faodadh na tha de dhaoine a' teicheadh à Siria àimhreit adhbharachadh ann an dùthchannan eile.

Chaidh John Venables, aon fhear den dithis a mhuirt an leanabh Seumas Bulger, a shaoradh às a' phrìosan a-rithist. Bha Venables 10 bliadhna de dh'aois nuair a mhuirt e fhèin, agus a charaid Raibeart MacThòmais, Seumas Bulger nach robh ach dà bhliadhna de dh'aois ann am Merseyside ann an 1993. Chaidh a shaoradh an toiseach air paròl ann ann 2001, ach chaidh a chur dhan phrìosan a-rithist ann an 2010 airson a bhith a' coimhead dhealbhan drabasta de chloinn air an eadar-lìon.

Thuit an àireamh de dh'oifigearan poilis ann an Alba airson a' chiad uair bho thòisich an fheachd ùr singilte. Bha 172 nas lugha de dh'oifigearan poilis ann aig deireadh na h-Ògmhios, na bha trì mìosan ron a sin nuair a chaidh na h-ochd feachdan a chur còmhla mar aon bhuidhinn. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad fhathast a' cumail ri gealltanas gum bi mìle oifigear poilis a bharrachd ann na bh' ann nuair a thòisich iad mar riaghaltas ann an 2007.