Fearg mun A87

Dh' fhàg comhairlichean an Eilein Sgitheanaich air ùghdarrasan nan rathaidean gu bheil iad a' cur chosgaisean air thoiseach air feumalachdan a' phobail.

Tha na comhairlichean feargach gun dùin prìomh rathad an eilein - an A87 - eadar 8:00f is 06:00m nas fhaide air a' mhìos airson leigeil le obair-càraidh a dhol air adhart.