Clàr-reachdais an Riaghaltais
Thèid stad a chur air a bhith a' saoradh nam prìosanach as miosa - mus tig na binn aca gu crìch.
Sin dìreach fear de na rudan a dh'fhoillsich Ailig Salmond Dimàirt ann an clàr-reachdais an Riaghaltais airson na bliadhna a tha romhainn.
Tha 13 bilean air a' chlàr, nam measg bile taigheadais - agus bile air na cùirtean.