Naidheachdan 11:00m
Chuir na Stàitean Aonaichte agus Siria fàilte air moladh na Ruis gum bu chòir armachd cheimigeach Shiria a chur fo smachd eadar-nàiseanta. Thuirt an Ruis an diugh nach e oidhirp a dh'aona-ghnothaich a tha sin idir air stad a chur air ionnsaigh armaichte Ameireaganach air Siria. Ach chaidh dàil a chur air bhòt a bha gu bhith ann an Seanadh nan Stàitean Aonaichte mu ionnsaigh air Siria.
Chaidh Leas Labhraiche Thaigh nan Cumantan, Nigel Evans, a chur fo chasaid gu do rinn e ionnsaigh dhrabasda agus gun do bhoin e do dhithis bhoireannach ann an dòigh dhrabasda. Chuir poilis ann an Lancashire Mgr Evans, a tha 55, an grèim ron a seo fo amharas gun do rinn e èigneachadh, ionnsaigh dhrabasda agus trì ionnsaighean olc eile. Bha e ron a seo a' dol às àicheadh a h-uile casaid.
Chaidh ceathrar dhaoine fhaighinn ciontach anns na h-Ìnnseachan fo chasaid gun do dh'èignich agus gun do mhurt iad boireannach òg air bus ann an Delhi san Dùbhlachd an-uiridh. Bha àimhreit mhòr phoblach ann mun chùis agus chaidh an lagh mu èigneachadh anns na h-Ìnnseachan atharrachadh. Thèid binn a chur orra a-màireach le coltas gur e binn bàis a dh'fhaodadh a bhith ann.
Bruidhnidh ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ri Còmhdhail nan Aonaidhean-Ciùird ann am Bournemouth an diugh far an iarr e taic dhan phlana airson atharrachadh sa chàirdeas eadar na h-aonaidhean agus am Pàrtaidh Làbarach. Chuir Mgr Miliband caothach air cuid de na h-aonaidhean le plana airson gum bi roghainn aig buill aonaidh a thaobh a bheil iad ag iarraidh ballrachd sa Phàrtaidh Làbarach, roghainn nach eil aig mòran dhuibh an-dràsta.
Leig muinntir Àird nam Murchan fhaicinn aig coinneimh ann an Sròin an t-Sithein a-raoir nach eil iad toilichte fhathast le plana Comhairle na Gàidhealtachd airson na faraidhean ùra air Aiseag a' Chorrain. Bha oifigearan na comhairle a' mìneachadh plana ùr airson faraidhean na h-aiseig. Ged a dh'aidich a' mhòr-chuid de na bha an làthair gu bheil am plana ùr nas fheàrr na bha a' chiad phlana, tha iad mì-thoilichte fhathast gum bi àrdachadh 15% air leabhar le 30 tiocaid do dh'fheadhainn a tha a' cleachdadh na h-aiseig tric.
Bràigh Bhearghdail
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh adhartas le plana airson earran de rathad an A9 aig Bràigh Bhearghdail ann an Cataibh a tha ainmeil airson cho cas agus na lùban a tha air. Chaidh luach £90,000 de chumhnant a thoirt do chompanaidh a nì sgrùdadh air an fhearann a dh'fhaicinn dè am fuasgladh as fheàrr dhan phàirt as miosa den rathad sin.