Buaireadh faraidhean a' leantainn

Cha d'fhuair oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd fàilte ro bhlàth ann an Sròn an t-Sithein 's iad a' mìneachadh molaidhean ùra 'son faraidhean aiseig a' Chorrain.

Seo an dàrna turas a chuir iad molaidhean mu choinneamh an t-sluaigh.

B'fheudar dhaibh gèilleadh anns a' chiad dol a-mach is muinntir na sgìre fiadhaich mun deidhinn - ach tha mì-thoileachas ann fhathast.