Siabann Gàidhlig ga chlàradh

Tha a' chiad siabann Gàidhlig ann am fichead bliadhna ga chlàradh an-dràsta san Eilean Sgitheanach.

Thathar a' dèanamh trì pìleatan den sgeulachd Bannan, a sgrìobh Chrisella Ross à Leòdhas.

Tha dùil ris air BBC Alba an ath-bhliadhna. Tha an riochdaire airson gnìomhachas dràma telebhisean a stèidheachadh san Eilean.