Atharrachadh dhan Phost Rìoghail?

Dhearbh Riaghaltas Westminster gu bheil iad a' leantainn orra le planaichean gus am Post Rìoghail a chur dhan roinn phrìobhaidich.

Chan eil na h-aonaidhean air an dòigh is an CWU a' bagairt a dhol air stailc.

Tha dragh cuideachd mun bhuaidh a bheireadh am plana air seirbheis a' phuist ann an sgìrean dùtchail.