Naidheachdan 11:00m
Tha na figearan ùra bhon chlàr ceannaich, an CPI, ag ràdh gun do thuit an àtmhorachd gu 2.7% air a' mhìos seo chaidh bho 2.8% air a' mhìos ron a sin. Ach tha clàr-reic, an RPI, ag ràdh gun do dh'èirich an àtmorachd gu 3.3% san Lùnasdal bho 3.1% san Iuchar. Tha e coltach gur e prìsean connaidh nas ìosaile agus bùithtean a' gearradh phrìsean as motha a thug buaidh air an CPI.
Reic Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an siathamh earran de Bhanca Lloyds, rud a chuir £3.2 billion anns an sporan phoblach. Chaidh na h-earrannan a reic air 75sg gach earran ri buidhnean tasgaidh mòra.
Thuirt teaghlach Melissa Reid à Lenzie, a tha fo chasaid ann am Peru mu chuiltearachd dhrugaichean, gun can i gu bheil i ciontach mar dhòigh air binn prìosan nas fhaide a sheachnadh. Thuirt a h-athair, Billy, gu bheil luchd-lagha a' barganachadh gus am faigh i nas lugha na seachd bliadhna sa phrìosan, rud a bhiodh a' ciallachadh gum faodadh i an ùine sa phrìosan a chur seachad ann am prìosan ann am Breatainn.
Dh'innis Comhairle Baile Dhùn Èideann gum biodh luchd-siubhail a' cleachadh loidhne tram ùr a' bhaile ron Chèitean an ath-bhliadhna agus fius 's dòcha nas traithe na sin. Gheall iad cuideachd gun tèid obair togail siostam nan tramaichean a sgioblachadh gu lèir far na sràidean bho mheadhan na mìos seo tighinn.
Tha co-ionannachd agus àite na Gàidhlig ga dheasbad aig Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, 's iarrtas mun coinneamh airson ceist anns a' Ghàidhlig a chur air pàipearan bhòtaidh referendum neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna. 'S e fear-iomairt na Gàidhlig, Iain MacLeòid à Dùn Èideann, a tha air cùlaibh na h-ath chuinge.
Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an diugh gabhail ri planaichean airson trì tuathan gaoithe ùra ann an Gallaibh. Nan deadh iad air adhart bhiodh iad ri taobh tuath gaoithe Causeymire a th' ann mar thà, dìreach far rathad an A9. Ach tha dragh air feadhainn mun àireamh thuathan gaoithe a tha anns an sgìre sin mar-thà 's iad ag ràdh gun toireadh na pròiseictean ùra seo droch bhuaidh air an àrainneachd agus air sealladh an àite.