Naidheachdan 11:00m

Thàinig crìonadh de mu mhìle duine ann an deich bliadhna air an àireamh a th' air chomas Gàidhlig a bhruidhinn, a rèir an fhiosrachaidh bhon Chunntas-Sluaigh ann an 2011, a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Bha an àireamh sìos bho 59,000 ann an 2001, gu 58,000 ann an 2011. Tha am fiosrachadh aig Dòmhnall Angaidh Moireasdan...

Thar nam bliadhnaichean suas gu Cunntas-Sluaigh na bliadhna 2001, thàinig lùghdachadh mòr air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig. A rèir nam figearan a thàinig a-mach an-diugh ge-tà, bhon Chunntas-Sluaigh mu dheireadh ann an 2011, tha coltas ann gu bheil an ìre aig a bheil na h-àireamhan sin a' crìonadh cha-mhòr air stad. Chaidh an àireamh de dhaoine as urrainn Gàidhlig a bhruidhinn sìos dìreach mu mhìle, bho cha-mhòr 59,000 ann an 2001, gu cha-mhòr 58,000 dà bhliadhna air ais. Sin atharrachadh de 0.1%. Aig a' cheart àm, ged a thàinig lùghdachadh air an àireamh dhaoine aig a bheil comas labhairt sa Ghàidhlig anns a' chuid mhòir de bhuidhnean, chaidh an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig fo aois 20 bliadhna, suas 0.1%. A' bruidhinn mu na figearan, thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul, gu bheil fianais shoilleir aca gu bheil toradh phoileasaidhean a' Phlana Nàiseanta a-nis ri fhaicinn.

Tha figearan bhon Chunntas-Sluaigh ag ràdh cuideachd gu bheil barrachd farsainneachd chinnidhean an Alba na bh' ann ann an 2001. Bhuinneadh 4% den t-sluagh ann an 2011 do mhion-chinneadh - a dhà uidhir 's a bh' ann ann an 2001. 'S e an sluagh Àisianach as motha, aig 3% de shluagh na h-Alba gu lèir. Thuirt 62% gur e Albannaich a-mhàin a bh' annta, agus bha 20% eile a thuirt gun robh measgachadh Albannach agus aithne air choireigin eile aca.

Thèid deuchainn a dhèanamh airson nan trì Geamhraidhean seo tighinn air seirbheis-aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail, rud a tha mòran air a bhith ag iarraidh bho chionn fhada. Tha dùil gum bi an Lord of the Isles a' seòladh air an t-slighe sin. Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gun do dh'èist Riaghaltas na h-Alba ri iarrtas làidir às a' choimhearsnachd airson na seirbheis. Thèid tomhas a dhèanamh an ceann trì bliadhna iar an t-seirbheis, a bhios a' seòladh dà là san t-seachdain, le seòladh ann am meadhan na seachdain, agus turas eile air an deireadh-sheachdain.

Chaidh càin £9m air Banca Dail Chluaidh, agus a' bhuidheann-faire, an FCA, ag ràdh nach tug am banca fiosrachadh do luchd-cleachdaidh mu mhearachdan anns na morgaidsean aca. Dh'aidich am banca nach do rinn iad mar a bu chòir, agus gheall iad gun tèid airgead a thoirt air ais don fheadhainn air an tug seo buaidh.

Tha Bòrd-Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba a' coinneachadh ann an Obar Dheathain an-diugh a dheasbad mholaidhean airson na h-ochd seòmraichean-stiùiridh a th' ann an-dràsta a ghearradh gu dhà. Bhiodh, fon phlana, seòmraichean-stiùiridh Inbhir Nis agus Obar Dheathain a' dùnadh. Tha ceannardan na seirbheis ag ràdh gun cùmhnadh sin na milleanan not a h-uile bliadhna. Ach tha dragh air mòran mun bhuiadh air an t-seirbheis anns na sgìrean dùthchail.