Croitearan òga Bharraigh

Thòisich pròiseict ùr ann am Barraigh a tha a' feuchainn ri ùidh chloinn sgoile a bhrosnachadh ann an croitearachd.

Tha e a' leantainn air leasanan saidheans agus cruinn-eòlais a tha iad a' faighinn san sgoil agus gheibh cuid de na sgoilearan cothrom bàrr fhàs agus sprèidh àrach.