Prògram Dhòmhnaill MhicChoinnich
Tha trì bliadhna bho chaidh Dòmhnall MacCoinnich a Steòrnabhagh a dhìth san Tuirc is e air turas gu Beinn Ararat 's e a' sireadh Àirce Noah.
A-nis tha a theaghlach an dòchas gun cuidich prògram ùr air BBC Alba an oidhirp a lorg.
Tha am prògram a' leantainn iomairt a bhrathair, Derick, gus faighinn a-mach de dh'èirich dha.
Thèid a shealltainn air BBC Alba aig 9:00f Oidhche Ardaoin.