Naidheachdan 11:00m

Chaill an Lib-Deamach, Mìcheal Moore, a dhreuchd mar Rùnairea na h-Alba anns na atharrachadh air Caibineat Riaghaltas na Co-bhanntachd ann an Westminster. Thèid Àrd-Chuip nan Lib-Deamach, Alasdair MacIlleMhìcheil, ball Arcaibh is Shealtainn, dhan dreuchd na àite. Bha Mgr Moore gu ruige seo air ceann iomairt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an aghaidh an SNP ron referendum an ath-bhliadhna air neo-eisimeileachd.

Tha an Riaghaltas ann an Westminster a' stèidheachadh buidhne ùire a bhios a' strì ri eucoir air feadh Bhreatainn. Bidh 4,500 oifigeach ag obair dhan bhuidhinn eucoir nàiseanta (NCA), a bhios a' gabhail uallach na h-obrach a bha an Serious Organised Crime Agency (SOCA) a' dèanamh.

Tha luchd-obrach aig ionad-ola Inbhir Ghràinnse a' seachnadh a h-uile dad ach an uairean-obrach àbhaisteach 's iad ann an deasbad ris a' bhuidhinn Ineos, dham buin an làrach. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gun dèan an Riaghaltas a h-uile h-oidhirp air an t-aonadh Unite, agus Ineos a thoirt gu aonta. Tha Ineos ag ràdh gu bheil cunnart ann gun dùin an t-ionad an ceann ceithir bliadhna, mur a tig taic-airgid bhon Riaghaltas.

Dh'ainmich na Poilis an duine a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh a phronnadh fo làraidh a chuir car dhith faisg air tuathanas-èisg Loch Euphort ann an Uibhist a Tuath Disathairne. Bhuinneadh Steven Bochannan, a bha 40 bliadhna de dh'aois, do Bheinn nam Fadhla. Tha Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd a' rannsachadh na cùise.

Chan eil fios dè cho fad 's a bhis am bàt-aiseig an Isle of Lewis san doc airson a càradh an dèidh dhi bristeadh sìos Disathairne. Chaidh an Hebrides a thoirt far na slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart airson a dhol air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, agus tha am Finlaggan air tighinn far sheirbheis Ìle airson a dhol an àite an Hebrides.

Tha connspaid ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach mu phlana a th' aig a' chompanaidh Kames airson tuathanas-èisg ann an Loch Poll Tìle, le 14 de chèidsichean. Tha a' chompanaidh air a ràdh gum biodh cosnadh ùr ann do cheathrar, ach tha feadhainn de mhuinntir an àite ag ràdh gun dèanadh an tuathanas cron air an sgìre.