Naidheachdan 11:00m

Tha a h-uile coltas gun tèid stailc a sheachnadh ann an seirbheis-smàlaidh na h-Alba, 's an t-aonadh an FBU a' gabhail, an-dràsta co-dhiù, ris na tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh mu sgeama nam peinnsean aca. Dh'fhaodadh tuilleadh stailcean a bhith ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh mar a bh' ann air a' mhìos a chaidh, leis nach do chuir an riaghaltas acasan plana air adhart den t-seòrsa a th' ann an Alba.

Tha aithisg ùr a' càineadh na sgeama a chuir an Riaghaltas ann an Westminster air bhonn airson dìon a chur air an dùthaich bho cheannairc agus eucoir. Chaidh £500m a chosg air an sgeama a bha ri fiosrachadh a chlàradh mun a h-uile duine a bha a' tighinn 's a' falbh tro chrìochan na dùthcha. Ach tha Àrd-Inspector ùr nan Crìochan agus na h-In-imrich, John Vine, ag ràdh nach deach clàradh ceart a dhèanamh, agus gun deach cur às do cheudan mhìltean chlàradh air cùisean de chùiltearachd.

Thuirt ceannard ùr MI5 gu bheil radaigich Ioslamach fhathast nan cunnart mòr do mhuinntir Bhreatainn. Thuirt Anndra Parker an-raoir na chiad òraid phoblach san dreuchd, gu bheil na h-uidhir de mhìltean radaigeach Ioslamach fhathast a' fuireach ann am Breatainn.

Dh'iarr màthair Madeleine McCann cead air fianais a thoirt do chùirt-lagha ann am Portagail, an aghaidh an oifigeir phoilis a bha os cionn na cùise nuair a chaidh an nighean bheag a dhìth ann an 2007. Tha Kate McCann agus an duine aice Gerry ag ràdh gun do rinn an t-oifigear poilis dìmeas orra ann an leabhar a sgrìobh e, agus gun do chuir na bha san leabhar maill air an rannsachadh airson Madeleine.

Rinn pàrantan anns an Aodann Bhàn anns an Eilean Sgitheanach gearain oifigeil mun dòigh san do dhèilig Comhairle na Gàidhealtachd ris an dragh a th' orra mu sgoil-àraich na sgìre. Dhùin an sgoil-àraich rè ùine an-uiridh, ach tha pàrantan an amharas gur e dùnadh gu lèir a tha am beachd na Comhairle, agus tha dragh orra mun bhuaidh a bheireadh sin an uair sin air bun-sgoil na sgìre.

Tha Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, air Ghàidhealtachd an-diugh a' coimhead air dà phàirt de rathad an A9 far a bheil planaichean airson leasachadh. Tha sin air Druim Uachdair far a bheil luchd-sgrùdaidh ag ullachadh airson an A9 a thoirt gu dà-fhillteachd eadar Inbhir Nis is Peairt. Agus bidh e ann an Cataibh, far a bheil iad am beachd an rathad a dhèanamh nas dìriche agus nas còmhnaird air Bràigh Bhearghadail.