BBC Naidheachdan

Sgrùdadh aig Bràigh Bhearghdail

Tha obair-sgrùdaidh air tòiseachadh air fear de na pìosan rathaid as ainmeil air a' Ghàidhealtachd, an A9 aig Bràigh Bhearghdail.

Tha dràibhearan tric air gearan mun rathad leis cho cas agus lùbach sa tha e.

Thèid rannsachadh a dhèanamh feuch dè am fuasgladh as fheàrr dhan rathad.