BBC Naidheachdan

Dìon bho Bhòrd na Gàidhlig

Chuir Bòrd na Gàidhlig dìon air mar nach b'urrainn do fhear de stiùirichean Comhairle na h-Eaglaise Brice ceist a fhreagairt air dè dìreach a bh' anns a' phlana Ghàidhlig aca.

Dh'fhoillsich a' chomhairle am plana nas tràithe an t-seachdain seo ach cha robh fios aig Nigel Mac an Fhleisdeir, a bha os cionn a' phlana, dè na prìomh phuingean a tha a' nochdadh ann.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gun obraich iad ris a' chomhairle gus am plana a chur an gnìomh agus gur ann tro cho-obrachadh a nì iad adhartas le planaichean Gàidhlig nam buidhnean poblach.