BBC Naidheachdan

Cead do leasachadh Chiseoirn

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do phlana seann ghàradh ola Chiseoirn, air taobh siar Rois, a leasachadh airson obair gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhchail.

Thèid cur ris na goireasan a th' air an làraich an-dràsta, agus thèid togallaichean ùra an-àirde.

Tha an luchd-leasachaidh an dùil gum bi suas ri 2,500 cosnadh air an chruthachadh aig a' ghàradh.

Seo Calum MacIlleathain.