Comhairle nam Pàrant a' seasamh sìos
Seasaidh buill Chomhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis sìos is iad air coinneamh èiginneach a ghairm an dèidh mar a fhuair Jim Lyon dreuchd cheannard na sgoile.
Thuirt iad ann an litir gu pàrantan gu bheil iad mì-thoilichte le mar a chaidh dèiligeadh ris an agallamh.
Tha am fiosrachadh aig Calum Macilleathain.