Naidheachdan 11:00m

Thèid sguir de thogail shoithichean cogaidh ann am Portsmouth le coltas gun tèid na ceudan chosnaidhean a chall an sin. Tha luchd-obrach air Chluaidh, aig Gàraidhean Bhaile a' Ghobhainn agus Scotstoun fhathast a' feitheamh fios air dè na gearraidhean a tha am beachd BAE Systems air na làraichean sin. Tha ceannardan comhairle ann am Portsmouth a' cumail a-mach gu bheil cosnaidhean a' falbh an sin gus an tèid gearradh cosnaidh mòr a sheachnadh ann an gàraidhean na h-Alba ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna.

Chaidh dàil anns a' phlana airson cìs connaidh nas lugha do sgìrean iomallach air Tìr Mòr gus an tèis tuilleadh sgìrean a chur air an liosta a thèid dhan Choimisen Eòrpach. Tha gearainnean ann gun do rinn Roinn an Ionmhais butarais den sgeama far am bi diesel agus peatroil 5sg nas saoire gach liotair ann an cuid de sgìrean, an dèidh dha tighinn am follais nach robh guth air Gallaibh is Cataibh a chur air an liosta sin. Thuirt Àrd-Rùnair an Ionmhais, Ball-Pàrlamaid Inbhir Nis, Danny Alexander, gum feum iad a-niste sùil eile a thoirt air, agus gum bi an ath-bhliadhna ann mus iarr iad cead air a' Choimisean Eòrpach.

Tha an t-aonadh Unite a' cur iomairt air dòigh airson sàbhailteachd nas fheàrr air seirbheisean-adhair dha na raointean-ola. Tha Unite ag ràdh gu bheil luchd-obrach air am misneachd a chall an dèidh na tubaiste heileacoptair Super Puma mu dheireadh anns an deach ceathrar a mharbhadh. Thuirt a' bhuidheann a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais, Oil and Gas UK, gu bheil iad ag obair air dèiligeadh ris na draghan sin.

Chaidh seann mhinistear cèin Israel, Avigdor Lieberman, a shaoradh bhon a h-uile casaid a bha na aghaidh airson coirbteachd. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Benjamin Netanyahu, gun tèid Mgr Lieberman, aig a bheil beachdan gu math làidir mu na còmhraidhean leis na Pailistinianaich, a thilleadh dhan Riaghaltas Israelach.

Tha dùil gun èirich àireamh-sluaigh na h-Alba mu 500,000 air an ath 25 bliadhna, ach gum bi àireamh nas lugha aig aois obrach. Thuirt an Àrd-Neach-Clàraidh, gum bi barrachd cloinne gam breith, agus barrachd dhaoine a' gluasad a dh'fhuireach a dh'Alba. Tha dùil ri 200,000 duine a bharrachd anns an ath 10 bliadhna, agus gum bi àireamh-sluaigh na h-Alba air èirigh gu 5.8 millean ro 2037.

Tha Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air fiosrachadh fhoillseachadh mu thaisbeanadh mòr a bhios a' siubhail air feadh na dùthcha a' comharrachadh 100 bliadhna bho bha an Cogadh Mòr ann. Seo pàirt de dhiofair thachartasan a bhios a' dol air adhart eadar an ath-bhliadhna agus 2018.