Pàirce Nàiseanta na Hearadh
Thog a' cheist mu bhith a' stèidheachadh Pàirce Nàiseanta anns Na Hearadh ceann Diciadain a-rithist ann an deasbad sa Phàrlamaid Albannaich.
Chaidh aithisg fhoillseachadh sa Ghiblean a mhol Na Hearadh mar aon de sheachd sgìrean fa-leth a bha airidh air inbhe mar Phàirce Nàiseanta.
A-niste tha Ramalairean na h-Alba air a dhol an sàs anns an deasbad, 's iad ag ràdh gur e Na Hearadh an t-àite as fhreagarraiche airson pàirce ùire.
Tha Catriona NicIlleathain ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 14 An t-Samhain 2013
- Earrann
- Naidheachdan