BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Rinn Dàibhidh Camshron moladh air na companaidhean Google agus Microsoft a thuirt gun cuir iad atharrachadh an sàs gus am bi e nas doirbhe faighinn gu ìomhaighean de dhrabastachd chloinne air an eadar-lìon. Thuirt am Prìomhaire na bu thràithe am bliadhna gu bheil dleastanas moralta air companaidhean an eadar-lìn smachd a chur air na t-suidheachadh.

Thuirt na h-ùghdarrasan sna h-Eileanan Filipìneach gun do dh'èirich an àireamh a chaill am beatha san typhoon an t-seachdain seo chaidh gu faisg air 4,000, agus gun deach 18,000 eile a leòn. Chaidh ceithir millean duine eile fhàgail gun dachaigh.

Rinn tornàdo sgrios air meadhan nan Stàitean Aonaichte. Chaidh sianar a mharbhadh ann an Illinois nuair a chaidh togalaichean a leagail, craobhan a thoirt às an talamh, agus loidhnichean-dealain a leagail.

Thàinig rabhadh bho bhuidhinn sgrùdaidh gum feumadh Alba neo-eisimeileach cosgaisean a ghearradh, air neo cìsean a chur suas mus biodh a h-ionmhas seasmhach. Tha beachd an Institiùid airson Sgrùdadh Ionmhais stèidhichte air crìonadh ola a' chuain a tuath agus sluagh na h-Alba a bhith a' fàs nas sine na tha an còrr den Rìoghachd Aonaichte thairis air an ath 50 bliadhna.

Tha a' chompanaidh tasgaidh Aberdeen Asset Management am beachd Scottish Widows a cheannach bho Bhuidhinn Bancaidh Lloyds air còrr is £500m. Fàgaidh an t-aonta seo Aberdeen Asset Management mar a' chompanaidh tasgaidh as motha a th' anns an Roinn Eòrpa.

Tha dùil ri fios an-diugh mu atharrachadh anns na riaghailtean mu dhùnadh sgoiltean ann an sgìrean dùthchail. Tha seo an dèidh aithisg a chaidh ullachadh do Riaghaltas na h-Alba na bu tràithe am bliadhna. Thuirt an aithisg sin gum bu chòir do chomhairlean fiosrachadh ionmhais fhoillseachadh mar phàirt de phlana airson sgoil a dhùnadh. Thuirt an aithisg cuideachd nan deadh sgoiltean a ghlèidheadh gum bu chòir an cùmhnadh airson còig bliadhna an dèidh sin air a' char as giorra.

Tha rannsachadh air tubaist bhàsmhoir a' tòiseachadh ann an Inbhir Nis an-diugh mu bhàs duine dham buinneadh companaidh làraidh às an Eilean Sgitheanach. Chaidh John MacFhionnghain, a bha 65, a mharbhadh anns an Dùbhlachd ann an 2011, nuair a bhuail pàirt den làraidh aige ann an loidhne-dealain faisg air Caol Àcainn.