BBC Naidheachdan

Ginealach 2014: An t-Sultain 2013

Le bliadhna ri dhol gus am bi an referendum ann, tha am BBC ann an Alba air pròiseict a chur air dòigh far a bheil iad air pannal de 50 òganach bho air feadh Alba, a bhios aig aois bhòtaidh an ath-bhliadhna, a thagadh airson an cuid bheachdan a' thoirt seachad air a' bhòt.

Thar na bliadhna seo tighinn, bidh na beachdan sin rim faotainn air an telebhisean agus air an rèidio, agus bidh iad cuideachd a' sgrìobhadh blogs agus a' foillseachadh tweets air a' chuspair.

Am measg an 50 a tha sin, tha duine no dithis aig a bheil Gàidhlig.